| 1 |
T oiseachd soisgeul Iosa Criosda, Mac Dhe. |
|
| 2 |
Air reir 's mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m' aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad. |
|
| 3 |
Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach. |
|
| 4 |
Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, 'sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan. |
|
| 5 |
Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan. |
|
| 6 |
Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh' ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh: |
|
| 7 |
Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh. |
|
| 8 |
Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh. |
|
| 9 |
Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan. |
|
| 10 |
'S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, 's an Spiorad mar chalman a tearnadh 'sa fantuinn air. |
|
| 11 |
Agus thainig guth bho neamh : Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot. |
|
| 12 |
Agus ghrad-ghreas an Spiorad e dhan fhasach. |
|
| 13 |
Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; 's bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha. |
|
| 14 |
'S an deigh do dh' Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe, |
|
| 15 |
'S ag radh: Tha 'n t-am air a choimhlionadh, 's tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul. |
|
| 16 |
'Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon,agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b' iasgairean iad.), |
|
| 17 |
Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh. |
|
| 18 |
Agus ghrad dh' fhag iad na lin, is lean iad e. |
|
| 19 |
'Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, 's iad a caradh nan lion sa bhata: |
|
| 20 |
Agus ghairm e iad san uair. 'Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e. |
|
| 21 |
Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad. |
|
| 22 |
Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, 's chan ann mar na Sgriobhaich. |
|
| 23 |
Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh' eigh e |
|
| 24 |
Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe. |
|
| 25 |
Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine. |
|
| 26 |
'S an spiorad neoghlan ga reubadh, 's ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as. |
|
| 27 |
Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d' fharraid iad 'nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha. |
|
| 28 |
'Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile. |
|
| 29 |
'Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra. |
|
| 30 |
Agus bha mathair-cheile Shimoin 'na laidhe ann am fiabhras; agus dh 'innis iad dha gun dail mu deidhinn. |
|
| 31 |
Agus thainig e, 'sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh' fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh. |
|
| 32 |
'S nuair thainig am feasgar, 'sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain. |
|
| 33 |
'S bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus. |
|
| 34 |
Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, 's cha do leig e leo labhairt, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e. |
|
| 35 |
'S ag eirigh ro-mhoch, 'sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin. |
|
| 36 |
Agus lean Simon e, agus iadsan a bha comhla ris. |
|
| 37 |
'S nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile gad shireadh. |
|
| 38 |
Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: 's gur ann air son so a thainig mi. |
|
| 39 |
'S bha e teagasg 'nan sinagogan, 's feadh Ghalile uile, 'sa tilgeadh a-mach dheomhan. |
|
| 40 |
Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; 'sa tuiteam air a ghluinean,thuirt e ris: Ma 's aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh. |
|
| 41 |
'Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, 'sa beantuinn dha, thuirt e ris : Is aill leam: bi glan. |
|
| 42 |
'S nuair thuirt e so, ghrad-dh' fhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh. |
|
| 43 |
'S thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dail; |
|
| 44 |
'S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith : ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh' orduich Maois, mar theisteanas dhaibh. |
|
| 45 |
Ach air dhasan a dhol a mach, thoisich e ri innse, 's ri sgaoileadh an sgeoil; air chor 's nach b' urrainn dha a nis a dhol a stigh don bhaile gu follaiseach, ach dh' fhuirich e a mach ann an aiteachan fas, agus chrunnaich iad as gach aite ga ionnsuidh. |
|
|
| Enjoy Reading the Bible? |
 |
| Then read scripture, add notes, and share with friends. Click here to use the "Bible" application on Facebook! |
|
| Enjoy Word Studies? |
 |
| Then dive into the Word for in-depth study. Click here to use the GreatTreasures.org site! |
|
| Get Bible Tweets |
| (start at the bottom and read up) |
 |
| Follow the 3 steps above to get Bible tweets throughout the day. |
|
|
|